£12m ga ghearradh bho bhuidseat na Comhairle (5/02/10)
Tha buidheann riaghlaidh Comhairle na Gàidhealtachd a' moladh £12m a ghearradh far bhuidseat na h-ath-bhliadhna.
Thèid iarraidh air comhairlichean bhòtadh air na gearraidhean, a thuilleadh air cìsean a reothadh, nuair a choinnicheas iad an ath-sheachdain.
Tha na gearraidhean cuideachd a thuilleadh air gearraidhean nas motha de £36m a dh'fheumas a' Chomhairle a chur an sàs thairis air an ath dhà bhliadhna.
Tha an comhairliche a tha os cionn buidseat na Comhairle, an Dr. Dàibhidh Alston, a' toirt rabhaidh gun caill mòran dhaoine an cosnaidhean anns an dà bhliadhna sin, a' tòiseachadh sa Ghiblean 2011.
Thathas an dùil gum fulaing seirbheisean ri linn nan gearraidhean, agus dragh ann nach tèid aig mòran bhuidhnean saor-thoileach air a' Ghàidhealtachd air a' chùis a dhèanamh às aonais taic-airgid a gheibh iad an-dràsta bhon Chomhairle.
Thuirt an Comh. Alston gun tèid co-chomhairleachadh farsainn a dhèanamh mus tèid buidseatan aontachadh.
Tha an t-aonadh Unison air bruidhinn a-mach mun chùis, agus iad ag ràdh gum bi fìor dhroch bhuaidh air seirbheisean, agus gun tèid ionadan ionnsachaidh do chiorramaich a dhùnadh.
Thuirt iad cuideachd gun tèid seirbheisean làitheil do sheann daoine a ghearradh, agus gum bi buaidh air foghlam air a' Ghàidhealtachd.
Bho BBC ALBA

