Ceistean Bitheanta
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Ceistean Bitheanta
Cò a dh’fhaodas làrach-lìn mygaelic.com a chleachdadh?
Faodaidh duine sam bith làrach-lìn mygaelic.com a chleachdadh (ach feumaidh tu a bhith 12 no nas sine gus cunntas fhaighinn air an làrach). Chan eil e gu diofar, mas e fileantach no neach-ionnsachaidh no mura h-eil facal Gàidhlig agad. Faodaidh tu siubhal tron làrach tro trì roghainnean cànain: Beurla, Gàidhlig no Gàidhlig shìmplidh (cainnt a tha nas fhasa a thuigsinn do dhaoine a tha ag ionnsachadh a’ chànain). Dìreach briog air na Roghainnean Cànain aig mullach na duilleige, agus faodaidh tu dol eadar na trì diofar dhreachdan den làrach.
Ma dh’atharraicheas mi an roghainn cànain gun fhiosta dhomh, ciamar a thèid mi air ais don chànan a b’ fheàrr leam?
Gabhaidh cànan an làraich atharrachadh uair sam bith le bhith bruthadh air na Roghainnean Cànain. Mas e ’s gu bheil neach a’ coimhead air an làrach ann an Gàidhlig shìmplidh, agus gu bheil iad air chall beagan agus a’ chainnt ro dhoirbh dhaibh, am feum iad an làrach a chur air ais gu Beurla? Cha fheum. Am measg na taice a chì thu an lùib nan roghainnean cànain, tha inneal taice. Ma chuireas tu an cursair air taic cànain, nochdaidh tòrr den teacsa air an duilleig ann am Beurla a-rithist airson tiotan, gus am faigh thu do chomas-iùil a-rithist.
Carson a chlàraichinn airson cunntas mygaelic.com?
Nuair a chlàraicheas tu airson cunntas mygaelic.com, faodaidh tu clàr-aithne air-loidhne a chruthachadh. Ann an duilleag do chlàr-aithne, chì thu dealbh-camara, no ìomhaigh ghnàthach (default) mas fheàrr leat, agus tha e a’ toirt cothrom dhut beagan fiosrachaidh mu do dhèidhinn fhèin a chur ann, agus faodaidh tu fios a chur suas air do chor. An seo, faodaidh tu cuireadh a thoirt do charaidean a dhol an sàs anns an làrach agus cunntas a thoirt a-mach, agus faodaidh tu lìonra charaidean a thogail. Faodaidh tu cuideachd iarraidh air luchd-cleachdaidh eile air an làrach a bhith nan caraidean dhut.
Càite a bheil mi a’ clàradh?
Tha ceangal ann aig mullach na duilleige, air a’ làimh dheis: ‘Clàraich’. Briog air a seo, agus thèid do stiùireadh tro na ceumannan airson clàradh air mygaelic.com. Thèid iarraidh ort ainm-cleachdaidh agus facal-faire a thaghadh, agus thèid iarraidh ort an seòladh post-d agad agus fiosrachadh iomchaidh eile a thoirt seachad. Ma tha thu nas sine na 12, ach fo 16, feumaidh tu iarraidh air do phàrantan no luchd-gleidhidh foirm-ceadachaidh a lìonadh agus sin a chur thugainn gus clàradh. Chan fhaod daoine fo 12 bliadhna a dh’aois clàradh airson cunntas.
Dè an ath rud?
Gheibh thu post-d an uair sin bho sgioba mygaelic.com, anns am bi am fiosrachadh a leanas: Ceangal a bheir thu chun an làraich-lìn, gus an seòladh post-d agad a dhearbhadh Facal-faire sealach gus logadh a-steach nuair a dh’iarrar ort.* *Faodaidh tu am facal-faire agad atharrachadh gu rudeigin a bhios nas fhasa a chuimhneachadh nuair a dhearbhas tu an cunntas agad.
An urrainn dhomh clàradh ann an Gàidhlig, a bharrachd air Beurla?
’S urrainn dhut clàradh ann an Gàidhlig no Beurla, agus seo an crochadh air dè an cànan a thagh thu airson a bhith a’ coimhead air an làrach. Nuair a thathar a’ coimhead air an làrach ann an Gàidhlig shìmplidh, thathar a’ clàradh ann am Beurla air chor ’s gun tuig daoine, a tha ag ionnsachadh, a’ chainnt theicnigeach a bhiodh caran doirbh dhaibh ’s dòcha ann an Gàidhlig.
Ciamar a bhios fios aig daoine dè an cànan a tha mi a’ cleachdadh air mo dhuilleig?
Thèid iarraidh ort comharrachadh dè an cànan a tha thu a’ cleachdadh, a bhios follaiseach do dhaoine eile nuair a lorgas iad thu air an làrach.
Ciamar a tha mi a’ logadh a-steach nuair a thilleas mi don làrach?
Tha ceangal eile aig mullach na duilleige, air a’ làimh dheis: ‘log a-steach’. Briog air an seo agus bheir e thu gu duilleig far an iarrar ort d’ ainm-cleachdaidh agus facal-faire a chur a-steach. Cuir a-steach iad agus thèid thu gu do dhuilleag-sa air mygaelic.com an uair sin.
Dè as urrainn dhomh a dhèanamh nuair a bhios mi clàraichte?
A bharrachd air a bhith a’ lorg charaidean ùra, ’s urrainn dhut:
• Taga a chur ri pìosan fiosrachaidh a chì thu anns a bheil ùidh agad, susbaint a chur ris na rudan as fheàrr leat, beachdan a thoirt seachad air susbaint; • Brathan a chur agus fhaighinn bho charaidean; • Do chuid sgrìobhaidh / òrain / bàrdachd a chur suas air an làrach, agus faodaidh luchd-cleachdaidh a tha air logadh a-steach an t-susbaint sin a mheasadh no beachdan a thoirt seachad air;* *Cuimhnich le do thoil, gun toir neach-measaidh sùil air gach pìos susbaint mus nochd e air an làrach-lìn. • Buidheann a chruthachadh, tron urrainn dhut do bhuidheann a shanasachd / do dhealas do Ghàidhlig agus a cultar a sgaoileadh; • Fiosrachadh a chur suas ann am mìosachan thachartasan buidhinn a tha a’ biathadh a-steach gu prìomh mhìosachan thachartasan an làraich, a chì a h-uile duine a thadhlas air an làrach. • Naidheachdan a sgaoileadh agus còmhraidhean a thòiseachadh airson daoine a th’ anns a’ bhuidheann agad.
Ciamar a tha mi a’ stèidheachadh buidheann?
Gus buidheann a stèidheachadh dhut fhèin no don bhuidheann agad, log a-steach agus briog air ‘mo bhuidhnean’ air a’ bhàr-stiùiridh aig mullach na duilleige. Air an stiùireadh air a’ làimh dheis, tha ceangal, ‘cruthaich buidheann ùr’. Briog air sin agus thèid thu gu duilleig far an iarrar ort fiosrachadh iomchaidh a chur a-steach.
Am faod a h-uile duine ballrachd a thoirt a-mach ann am buidheann, ma stèidhicheas mi e?
Tha a h-uile buidheann air an stèidheachadh mar bhuidheann fosgailte, ’s e sin an roghainn ghnàthach. Ma tha thu ag iarraidh buidheann prìobhaideach a stèidheachadh, dìreach cuir strìochag anns a’ bhogsa airson prìobhaideach nuair a tha thu a’ cruthachadh a’ bhuidhinn agad.
Ciamar a tha mi a’ cur pìos susbaint a-steach?
Log a-steach don làrach, agus theirig chun na duilleige, ‘an stuth agam’. An seo, faodaidh tu susbaint a chur suas. Aon uair ’s gu bheil thu air ‘Cuir a-steach e’ a bhruthadh, thèid an t-susbaint agad a chur gu neach-measaidh, agus bheir iadsan sùil air gus dèanamh cinnteach nach eil guidheachan ann agus gu bheil i ‘sàbhailte’. Ma gheibh e cead, thèid a chur suas far am faod a h-uile duine coimhead air nuair a thadhlas iad air mygaelic.com.

