Roghainnean CànainLanguage choices BeurlaEnglish Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic GàidhligGaelic
Ùidh agad a dhol an sàs sna buidhnean?Interested in joining groups? Faic buidheannanView groups
Airson fiosrachadh ùraichte thoiribh sùil air www.learngaelic.net, aon àite air an eadar-lìon airson a h-uile duine le ùidh ann a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig na h-Alba. Ge bith dè an aois a tha thu, no dè an t-eòlas a tha agad, tha cuideachadh dìreach cliog air falbh.
For updated content please visit www.learngaelic.net, a one-stop shop for anyone and everyone interested in learning Scottish Gaelic. Whatever stage you are at, and whatever age you are, all the help you need is just a click away.
Son a’ chiad uair tha farpais-cheist taigh-seinnse ’s a Ghàidhlig gu bhith ga chraoladh ‘beò’ air an eadar-lìon.
Son a’ chiad uair tha farpais-cheist taigh-seinnse ’s a Ghàidhlig gu bhith ga chraoladh ‘beò’ air an eadar-lìon.
Tha am farpais-cheist, a th’air a bhith a’ dol gach mìos ann an Taigh-òsta na Pàirce an Glaschu bho chionn còrr is bliadhna, gu bhith air a chraoladh air làrach-lìn www.glaschu.org/sruth.htm a-màireach (Diciadain 21mh an t-Sultain).
’S ann fo bhratach Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu a thòisichear am farpais, ’s a Chèitean an uiridh, is e ga ruith ann an compàirt ris a’ bhuidheann ‘Meetup Gàidhlig Ghlaschu’. Tha e a-nis air fàs chun an ìre ‘s gum bheil mu seachd neo ochd sgiobaidhean, neo eadar 30 is 40 neach, a’ farpais an aghaidh a chèile, is a h-uile càil dhe ga chumail ’s a Ghàidhlig.
’S e Coinneach Combe, Oifigeir Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig a tha ga stiùireadh às leth na h-Iomairt Ghàidhlig, is tha esan ag ràdh nach robh cus dùil aca ’s a chiad dol a-mach gum bitheadh e cho soirbheachail: “’S a chiad àite, bha sinn dìreach ag amas air cothrom ùr thoirt do dhaoine thighinn còmhla is Gàidhlig a chleachdadh ann an dòigh beagan eadar-dhealaichte is a-mach às an àbhaist, ach gun teagamh tha e air aire daoine tharraing.
“Tha h-uile càil a’ gabhail àite ’s a Ghàidhlig is bithidh measgachadh againn de dh’fhileantaich is luchd-ionnsachaidh. Bithidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall daoine chuir a measg a chèile gus am bith an aon cothrom aig a h-uile sgioba, is nach bith soirbheachas ’s an fharpais a’ crochadh idir air comasan Gàidhlig.
“’S dòcha gur e pàirt de na tha tarraingeach mu dheidhinn gum bheil e na ghnothach neo-fhoirmeil, na dhòigh eadar-dhealaichte do dhaoine an cuid Gàidhlig a chleachdadh, seach mar eisimpleir a bhith crochadh air ceòl agus seinn – ged a bhitheas beagan dhan sin a’ dol uaireannan cuideachd às dèidh dhan farpais crìochnachadh!”
Tha e air soirbheachadh leis a’ chuis chun na h-ìre ‘s gum bheil Taigh-òsta na Pàirce a’ toirt seachad duaisean bheaga dha na sgiobaidhean soirbheachail, is iad cuideachd a’ pàigheadh suim dhan Iomairt Ghàidhlig is dhan bhuaidhean ‘meetup’. Tha sin air cothrom thoirt dhan Iomairt uidheamachd-fuaim a cheannach a dh’aona gnothach airson am farpais fhèin a ruith, agus an t-seachdain-sa, gus a chraoladh air an eadar-lìon.
Thuirt Coinneach Combe: “’S e seachdain nam meadhanan sòisealta tha gu bhith ann, agus shaoil sinn gur e dòigh freagarrach a bhitheadh an seo a’ Ghàidhlig a chuir na luib.
“’S dòcha gun tarraing e aire barrachd dhaoine – neo fiù’s gum brosnaich e feadhainn eile gus an aon rud fheuchainn san sgìre aca fhèin? Dh’fhaodadh gum bitheadh cothrom againn cuideachadh a’ choreigin a thoirt dhaibh.”
Bithidh am farpais ri chluinntinn tro làrach-lìn www.glaschu.org/sruth.htm aig 8f Diciadain 21mh an t-Sultain.
Crìoch
Fios a bharrachd: Tha Iomairt Ghàidhlig Ghlaschu ga stiùireadh le Comunn na Gàidhlig às leth Bòrd na Gàidhlig, is i na h-aon de na h-ochd Iomairtean Ghàidhlig a tha gan ruith air feadh Alba.
Airson an tuilleadh fios, cur fòn gu Coinneach Combe, Comunn na Gàidhlig air 0141 339 2022 neo air post-dealan tro oifis@cnag.org.uk