Taic do dh’Inbhich
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Ma tha thu eòlach air cuideigin a tha ag ionnsachadh Gàidhlig, no a tha am beachd Gàidhlig ionnsachadh, tha grunn ghoireasan agus làraich-lìn air-loidhne far am faigh iad taic. Tha làraich-lìn ann cuideachd do phàrantan le clann a tha ag ionnsachadh Gàidhlig no tro Ghàidhlig, agus a tha a’ toirt comhairle do phàrantan a tha a’ beachdachadh air an cuid chloinne a chur gu foghlam Gàidhlig. Chìthear gu h-ìosal làraich-lìn a bheir cuideachadh dhut nuair a tha thu ag ionnsachadh no a’ beachdachadh air ionnsachadh.
Bòrd na Gàidhlig – Fiosrachadh mu fhoghlam Gàidhlig
Sabhal Mòr Ostaig – Prìomh Cholaiste Ghàidhlig na h-Alba
BBC ALBA - Taghadh math de chùrsaichean agus goireasan
akerbeltz – cuideachadh le ionnsachadh na Gàidhlig (faidhlichean fuaim)
Am Baile - Fiosrachadh air ionnsachadh Gàidhlig
gaelic4parents – Làrach-lìn do phàrantan le clann ann am foghlam Gàidhlig (tòrr stuthan feumail)
Ionnsachadh agus Teagasg Alba – Fiosrachadh mu fhoghlam Gàidhlig airson cloinn
Teagasg Gàidhlig – Làrach-lìn le fiosrachadh mu bhith a’ teagasg Gàidhlig
Stòrlann – Am prìomh bhuidheann airson stuthan agus goireasan teagaisg Gàidhlig
Cùrsaichean Gàidhlig Teaghlaich do chloinn a tha fo thrì bliadhna a dh’aois. Ionnsaichibh còmhla ri ur pàiste le cùrsa 3-là ann an Inbhir Nis, agus an cùrsa ga ruith gach seachdain. Fònaibh 01463 225 469 no cuiribh post-d gu finlay@cnsa.org.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.
Cùrsaichean Altraim, cùrsaichean airson Gàidhlig san dachaigh agus gus còmhradh ri daoine ann an diofar shuidheachaidhean. Fònaibh 01542 836 322 no cuiribh post-d gu finlay@cnsa.org.uk airson tuilleadh fiosrachaidh.
Cànanan air an eadar-lìon – Fiosrachadh mu chùrsaichean agus goireasan air-loidhne
InvernessGaelic - Fiosrachadh mu fhoghlam Gàidhlig airson cloinn

