Ag ionnsachadh Gàidhlig
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
A bheil caraid agad a tha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh? A bheil thu fhèin a’ lorg cùrsa ann an Gàidhlig? Mas e ’s gu bheil, cha ghann na cothroman. Tha cothroman ann do leanabain òga blasad Gàidhlig fhaighinn, tha cothroman sa bhun-sgoil agus san àrd-sgoil. Tha cothroman ann le clasaichean agus buidhnean a tha a’ coinneachadh tron latha agus air an oidhche, tha cothroman ann le cùrsaichean aig colaistean agus ionadan eile, tha cothroman ann aig astar agus air-loidhne. Ma tha duine ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, chan urrainn dhaibh a ràdh nach eil cothrom aca! Agus chan e a-mhàin gun tog iad cànan ùr, cuiridh iad eòlas air cultar ùr. Cultar a tha beairteach, brìoghmhor agus gun chrìochan.
Tha foghlam agus clann mar fhreumhan chànan agus dualchas nan Gàidheal às an tig toraidhean saidhbhir is seasmhach, tha sinn an dòchas, a chuireas ri gleidheadh agus fàs a’ chànain. Tha foghlam Gàidhlig ri fhaotainn ann an grunn roinnean comhairle ann an Alba, aig caochladh ìrean, agus fiù ’s aig astar no tro cho-labhairtean bhidio ann an cuid a shuidheachaidhean. Tro innleachd agus ionnsachadh, thig Gàidhlig beò.
Airson cuideachadh:
• Foghlam ro-sgoile, Dùn Èideann
• Foghlam ro-sgoile, Dùn Èideann
• Bòrd na Gaidhlig, fiosrachadh mu foghlam ro-sgoile
• Foghlam Ro-sgoile ann a Sruighlea
• Comann nam Pàrant – info on Gaelic medium education in Scotland
• Taic
• Clì
• UHI
Ma tha thu airson barrachd fhaicinn air an liosta seo dìreach cuir thugainn brath! Post-d: info@mygaelic.com

