Ag ionnsachadh Gàidhlig
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
A bheil caraid agad a tha ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh? No a bheil thu fhèin ag iarraidh barrachd Gàidhlig ionnsachadh? No ’s dòcha gu bheil thu ag iarraidh gun ionnsaich do chlann Gàidhlig? Tha tòrr chothroman (opportunities) ionnsachaidh ann: sgoiltean Gàidhlig, clasaichean-oidhche, cearcaill chòmhraidh, cùrsaichean ann an colaistean agus àiteachan eile, agus cùrsaichean air-loidhne (online) no air a’ fòn. Agus chan eil thu dìreach ag ionnsachadh cànan ùr le Gàidhlig, tha thu nad phàirt de chultar ùr. ’S e cultar beartach a th’ ann a tha gu math inntinneach (interesting).
Tha ionnsachadh agus clann gu math cudromach do Ghàidhlig. Tha tòrr chothroman ionnsachaidh ann do dh’inbhich (adults) agus clann ann an Alba, ma tha iad ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh, no ma tha iad ag iarraidh a bhith ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig (through the medium of Gaelic).
Thig Gàidhlig beò tro ionnsachadh.
Airson cuideachadh:
• Foghlam ro-sgoile, Dùn Èideann
• Foghlam ro-sgoile, Dùn Èideann
• Bòrd na Gaidhlig, fiosrachadh mu foghlam ro-sgoile
• Foghlam Ro-sgoile ann a Sruighlea
• Comann nam Pàrant – info on Gaelic medium education in Scotland
• Taic
• Clì
• UHI
Ma tha thu airson barrachd fhaicinn air an liosta seo dìreach cuir thugainn brath! Post-d: info@mygaelic.com

