Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Turasachd (tourism)

by mygaelic.com

Tha tòrr dhaoine a’ tadhal air Alba a h-uile bliadhna. Tha na beanntan, na lochan, an ceòl, na daoine, an eachdraidh, agus an cultar a’ còrdadh riutha. Tha goireasan (facilities/amenities) matha ann do luchd-turais: taighean-bìdh agus taighean-òsta a tha uabhasach math. Agus tha tòrr chur-seachadan (pastimes) ann do dhaoine. Ma tha ùidh agad ann an golf, no iasgach, no coiseachd, no seòladh, tha cothroman (opportunities) matha ann an Alba airson nan cur-seachadan sin.

Tha turasachd chultarach (cultural tourism) cuideachd cudromach ann an Alba. Agus tha daoine a’ faicinn mar a tha Gàidhlig cudromach san turasachd seo. Tha daoine ann a tha ag iarraidh ionnsachadh mu dhualchas (heritage) nan Gàidheal, agus bidh iad a’ tadhal air Alba far a bheil iad ag ionnsachadh mun Ghàidhlig. Chì iad soidhnichean (signs) ann an Gàidhlig agus Beurla ri taobh nan rathaidean. Agus ma thèid iad do àite far a bheil daoine a’ bruidhinn Gàidhlig, coltach ris na h-Eileanan Siar, cluinnidh iad Gàidhlig. ’S e cànan agus cultar na h-Alba a th’ ann an Gàidhlig, agus bidh cuid den luchd-turais a tha a’ tighinn a dh’Alba ag iarraidh Gàidhlig a chluinntinn.

Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

ThaYes
Chain eilNo
Groups

NaidheachdanNews

Cuir sanas an seoAdvertise Here

Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

To advertise here, email advertising@mygaelic.com