Àiteachan far a bheil iad a’ bruidhinn Gàidhlig
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Tha tòrr dhaoine a tha a’ bruidhinn Gàidhlig fhathast a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan Siar: tha 40,000 duine a-mach à 58,000 a’ fuireach anns na sgìrean (areas) aig Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Ach tha gu leòr de Ghàidheil cuideachd a’ fuireach ann am bailtean-mòra mar Dùn Èideann, Glaschu agus Inbhir Nis. Cuideachd, feumaidh sinn cuimhneachadh air na daoine a tha a’ fuireach ann an Sasainn agus dùthchannan (countries) eile aig a bheil Gàidhlig. Chan eil fhios againn cia mheud Gàidheal a tha a’ fuireach anns na dùthchannan sin.
Agus tha dòigh eile ann far am bi sinn a’ cluinntinn Gàidhlig ann an àiteachan: ann an ainmean-àite (place names). Dè th’ ann an Calton Hill ann an Dùn Èideann ach Cnoc Challtainn (Hill of the Hazel Trees). Dè th’ ann am Portree ach Port Rìgh. Tha tòrr àiteachan ann an Alba far a bheil na h-ainmean-àite a’ tighinn beò anns a’ Ghàidhlig.
Cluinnidh tu Gàidhlig: ann am bùth, anns an sgoil, air an t-sràid, air an telebhisean, air mullach beinn agus ann an iomadh ainm-àite.

