Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Sabhal Mòr Ostaig

by mygaelic.com

Sabhal mor ostag logo

A bheil thu am beachd a’ Ghàidhlig ionnsachadh, no a’ Ghàidhlig a tha agad a thoirt air adhart, aig ìre oilthighe (university level)? A bheil ùidh (interest in) agad ann an eachdraidh is cultar na Gàidhlig? A bheil meas (passion) mòr agad air ceòl traidiseanta is gum bu mhath leat barrachd (more) ionnsachadh? No is dòcha (perhaps) gum bu mhath leat Gàidhlig a theagasg agus a thoirt do dhaoine eile?

Co-dhiù na tha thu airson ionnsachadh aig a' Cholaiste no air astar (distance), tha cùrsaichean rim faotainn (available) airson fìor luchd-tòiseachaidh gu prògraman fo-cheum (undergraduate) is for-cheum (postgraduate) air an teagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha cliù eadar-nàiseanta (international reputation) aig Sabhal Mòr Ostaig airson teagasg cànain agus bogadh (immersion) cànain is ge b'e dè cho fileanta is a tha thu sa chànan bidh cùrsa ann a dh'fhreagras ort.

Gheibh sibh am barrachd fiosrachadh, briog an seo

Cùrsiachean Goirid 2010

Airson a' chiad (first) turas riamh bidh sinn a' cur meanbh-fhèis (collaborative week) air dòigh, a' tarraing dannsa, drumaireachd, giotàr, fìdeag, pìobaireachd, seinn agus bàrdachd còmhla le cothrom aig oileanaich obair ri chèile agus cuirm a chur air dòigh aig deireadh na seachdain.

Tha sinn air leth toilichte cothrom a thoirt do dhaoine a tha adhartach no fileanta sa chànan seachdain a dhèanamh le sàr sgrìobhaichean Alasdair a' Bhocsair agus Maoilios Caimbeul.

Bidh a' Cholaiste cuideachd a' tairgsinn chùrsaichean ann am peantadh (painting) agus a' togail dhealbhan didsiteach (digital photography) le Cailean MacGillEain agus Iseabail Mhoireach.

Airson am barrachd fiosrachadh air na cùrsaichean, briog an seo

There are no comments on this item.

    Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

    Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

    ThaYes
    Chain eilNo
    Groups

    NaidheachdanNews

    Cuir sanas an seoAdvertise Here

    Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

    To advertise here, email advertising@mygaelic.com