An Gnìomh a Dhearbhas
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
B’ e ‘An Gnìomh a Dhearbhas’ ainm na co-labhairt a chùm Bòrd na Gàidhlig o chionn ghoirid. Chaidh a’ cho-labhairt a chumail ann an Taigh-òsta Druim Athasaidh ann an Inbhir Nis, far an d’fhuair muinntir na Gàidhlig cothrom an t-eòlas aca a roinn le càch agus còmhradh mu phlanaichean airson na Gàidhlig.
Bha grunn riochdairean an làthair bho bhuidhnean, chomhairlean agus chompanaidhean a tha a’ cur air adhart na Gàidhlig, a bharrachd air daoine bho na coimhearsnachdan agus daoine le ùidh sa chànan. Bha cothrom aig daoine èisteachd ri taghadh de dh’òraidean air diofar chuspairean, nam measg bha Ionnsachadh Gàidhlig do dh’Inbhich, Ro-innleachd airson nan Ealain, fiosrachadh mu mhaoineachadh, foillseachadh, agus gu leòr eile!
Bha taghadh math de dh’òraidichean ann agus iad uile a’ cur ris an latha. Chuala sinn a’ bhana-sheinneadair Ghàidhlig ainmeil Julie Fowlis a’ bruidhinn mu mar a tha Gàidhlig na taic dhi, agus chuala sinn òraidean ealamh is fiosrach bho leithid Art MacCarmaig, an Dr Wilson MacLeòid, Mairead Màiri Mhoireach, Brian O hEadhra, Dàibhidh Boag, Anna Latharna NicGilliosa agus tòrr dhaoine eile. Nochd iad uile eòlas is tuigse air cor na Gàidhlig agus chualas mun adhartas a rinneadh agus mar a dh’fhaodadh piseach fhathast tighinn air cùisean.
Bha Seumas Mather, Àrd-oifigear Maori TV ann an New Zealand, a’ bruidhinn aig a’ cho-labhairt. Tha Maori TV air soirbheachadh gu mòr agus bhruidhinn Mgr Mather mu na dh’ionnsaich e mu bhith a’ brosnachadh mion-chànan. Thug an òraid aige togail mhòr do dhaoine, gu sònraichte nuair a thuirt e gu bheil iad air a dhol bho aon sianal beag gu dà shianal, agus gu bheil iad air na còraichean airson Cupa Rugbaidh na Cruinne a ghleidheadh... bhiodh sin coltach ri BBC ALBA a bhith na phrìomh shianal airson Cupa Ball-coise na Cruinne san Rìoghachd Aonaichte!
Chaidh a’ cho-labhairt a chumail ann an Gàidhlig, ach bha eadar-theangachadh mar-aon ann airson duine sam bith aig nach robh Gàidhlig. San fharsaingeachd, dh’obraich a’ cho-labhairt glè mhath, agus sheall e dhuinn gu bheil cùisean a’ coimhead gu math dòchasach don Ghàidhlig, agus gun fhiach e strì air a son, agus gur e an gnìomh a dhearbhas!


Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.