Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Ceòlas

le mygaelic.com

Bidh daoine a’ tighinn a dh’Alba air grunn adhbharan. Tha an ceòl ann, an dannsa, na seallaidhean brèagha, na daoine, an cànan agus beartas ar n-eachdraidh, agus gach nì sin a’ tàladh nam milleanan bho air feadh an t-saoghail gu Alba. ’S e sgoil-shamhraidh airson ceòl is dannsa a th’ ann an Ceòlas far a bheil gach snàithlean sin de shaibhreas na h-Alba a’ tighinn còmhla.

Thathar a’ cumail na fèise ann an Uibhist a Deas, eilean eireachdail sna h-Eileanan Siar, agus aig Ceòlas faodaidh tu clas a ghabhail ann am pìobaireachd, fìdhleireachd, seinn, ruidhlichean Albannach agus Quadrilles, dannsa ceum agus ann an Gàidhlig. Cluinnear pailteas Gàidhlig ann an Uibhist a Deas agus e air aon de na h-àiteachan as fheàrr a th’ ann airson do chuid Gàidhlig fheuchainn. Bidh thu air do chuairteachadh le tràighean brèagha agus faodaidh tu falbh air grunn chuairtean tron eilean mhaiseach seo. A thuilleadh air sin, coinnichidh tu ri sluagh a tha air leth càirdeil is aoigheil, agus a tha ro dheònach cèilidh a chumail. As bith cò thu agus dè na nithean as toil leat, tha sinn deimhinne gun còrdadh Ceòlas riut!

Nuair a thig e gu teagasg, ’s iad cuid de na gaisgich ciùil is dannsa as fheàrr a th’ ann an Alba a bhios gur n-oideachadh. Airson seinn, bidh daoine ann mar Màiri NicAonghais, Gillebrìghde MacGilleMhaoil, Maighread Stiùbhart, Rona Lightfoot & Catrìona Garbutt! Agus am measg nan daoine iomraiteach eile a bhios a’ teagasg ann tha Fin Moore, Ailean Dòmhnallach, agus Frank McConnell.

Thèid an t-seachdain ciùil is dannsa sgoinneil seo a chumail eadar 4-9 Iuchar. Bidh iad an dòchas gum faigh iad sìde fhàbharach, ach grian ann no às, faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi an t-eilean na bhoil agus gum bi gu leòr a’ dol a latha agus a dh’oidhche!

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu àiteachan-fuirich is siubhail, agus airson àite a ghleidheadh (book), briog an seo

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

    Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

    ThaYes
    Chain eilNo
    Groups

    NaidheachdanNews

    Cuir sanas an seoAdvertise Here

    Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

    To advertise here, email advertising@mygaelic.com