Cobhanan-airgid (Tills) Gàidhlig
le mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Tha na cobhanan-airgid, a tha a’ toirt cothrom dhut frithealadh (serve) ort fhèin, a-nis gu math cumanta ann am mòr-bhùithtean (supermarkets) na dùthcha. Ge-tà, tha luchd-ceannach (customers) Gàidhlig ann an Inbhir Nis a’ gearan (complaining) mu na cobhanan-airgid fèin-fhrithealaidh (self-service) aig Marks is Spencer sa bhaile. Faodaidh luchd-ceannaich Beurla, Frangais, Pòlanais, Gearmailtis, Spàinntis, agus fiù ’s Cuimris a roghnachadh – ach chan fhaod iad Gàidhlig a roghnachadh!
Faodaidh luchd-ceannach a bhios a’ tadhal air Marks is Spencer grunn chànanan Eòrpach a roghnachadh, ach chan fhaod iad aon de na cànanan bhon dùthaich aca fhèin a roghnachadh. Thuirt M & S gum b’ urrainn dhaibh roghainn Ghàidhlig a chur air na cobhanan-airgid aca, ach thuirt iad gum feumadh daoine gu leòr a bhith ann a bha ag iarraidh sin. Briog an seo gus an alt-naidheachd mu dheidhinn na cùise seo a leughadh.
Innis dhuinn dè do bheachd mun seo... fàg do bheachdan gu h-ìosal! Cuideachd, ma tha thu a’ smaoineachadh gum bu chòir Gàidhlig a bhith ri fhaotainn mar roghainn air na cobhanan-airgid fèin-fhrithealaidh seo aig M & S ann an Inbhir Nis, briog an seo gus d’ ainm a chur ri ar n-athchuinge (petition). Cò aig a tha fios... dh’fhaodadh gum faic sinn ceum (step) beag eile a dh’ionnsaigh saoghal Gàidhlig.


Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.