Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Cobhanan-airgid Gàidhlig

le mygaelic.com

Chan e annas a th’ anns na cobhanan-airgid a-nis far am faod thu frithealadh ort fhèin ann am mòr-bhùithtean na dùthcha. Ge-tà, tha luchd-ceannach Gàidhlig ann an Inbhir Nis air gearan a thogail mu na cobhanan-airgid fèin-fhrithealaidh sa bhùth Marks is Spencer sa bhaile. Faodaidh luchd-ceannach Beurla, Frangais, Pòlanais, Gearmailtis, Spàinntis, agus fiù ’s Cuimris a roghnachadh – ach chan fhaod Gàidhlig!

Faodaidh luchd-ceannach aig Marks is Spencer grunn chànanan Eòrpach a roghnachadh, ach chan fhaod iad aon na de cànanan aca fhèin. Thuirt M & S gun gabhadh e a dhèanamh roghainn Ghàidhlig a chur ann, ach ma tha sin a’ dol a thachairt, dh’fheumadh iarraidh a bhith ann airson a leithid. Briog an seo gus an alt-naidheachd mu dheidhinn na cùise seo a leughadh.

Innis dhuinn dè do bheachd mun seo... fàg do bheachdan gu h-ìosal! Cuideachd, ma tha thu a’ smaoineachadh gum bu chòir Gàidhlig a bhith ri fhaotainn mar roghainn air na cobhanan-airgid fèin-fhrithealaidh seo aig M & S ann an Inbhir Nis, briog an seo gus d’ ainm a chur ri ar n-athchuinge. Cò aig a tha fios... dh’fhaodadh gun toirear ceum beag eile a dh’ionnsaigh saoghal Gàidhlig.

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

    Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

    ThaYes
    Chain eilNo
    Groups

    NaidheachdanNews

    Cuir sanas an seoAdvertise Here

    Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

    To advertise here, email advertising@mygaelic.com