Eachdraidh
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Tha fhios againn uile gur e cànan Ceilteach a th’ ann an Gàidhlig a thàinig à Èirinn an toiseach. Bha daoine ag ràdh gun tàinig na Gàidheil a dh’Alba san 5mh linn AD an toiseach, ach tha cuid de dhaoine a-nis ag ràdh gu robh Gàidhlig ann an Alba nas tràithe na seo.
Bha na Ceiltich gu math cumhachdach (powerful) agus bha tòrr dhiubh air feadh na Roinn Eòrpa (throughout Europe). An-diugh tha daoine fhathast a’ bruidhinn chànanan Ceilteach san Fhraing, ann am Breatainn agus ann an Èirinn. Bha na Ceiltich agus na Gàidheil gu math cudromach ann an eachdraidh an t-saoghail.
Solas nuair a bha e dorcha
Nuair a bha àm gu math dorcha ann an eachdraidh na Roinn Eòrpa, bha manaich (monks) le Gàidhlig ann an Alba agus Èirinn ag ionnsachadh sgrìobhadh. Bha iad a’ cumail sgrìobhaidhean ann an Laideann (Latin) agus Greugais (Greek) sàbhailte (safe) agus chùm iad an t-eòlas seo sàbhailte aig àm nuair a bha cunnart ann gun robh daoine a’ dol a chall an eòlais seo. Bha na Gàidheil cudromach.
Rìoghachd (Kingdom) Ghàidhlig
’S e rìoghachd Ghàidhlig a bh’ ann an Tighearnas nan Eilean (the Lordship of the Isles) a thòisich le Somerled, no Somhairle, anns na 1100an. ’S e rìoghachd mhòr a bh’ innte air taobh siar na h-Alba. Bha Clann Dòmhnaill a’ riaghladh (ruling) na rìoghachd seo, agus ’s e rìoghachd chumhachdach Ghàidhlig a bh’ innte. Bha na Gàidheil cudromach.
Canada
Tha sinn a’ cluinntinn mu dheidhinn na ciad Ghàidheil ann an Canada ann an 1621. Ged a bha cunnartan ann, bhiodh tòrr Ghàidheil a’ falbh gu Canada. Bha iad a’ lorg (searching for) beatha ùr, àite far am faigheadh (would get) iad cothroman ùra. Bha tòrr Ghàidheil cudromach do dh’eachdraidh Chanada, agus tha beagan dhaoine fhathast a’ bruidhinn Gàidhlig ann an Ceap Breatainn ann an Canada an-diugh. Bha na Gàidheil cudromach.
Dìleas
Tha na Gàidheil ainmeil mar shaighdearan (soldiers) ann an arm (army) Bhreatainn. Bha tòrr Ghàidheil a’ sabaid anns a’ Chogadh Mhòr (the Great War), san arm agus anns a’ Chabhlach Rìoghail (Royal Navy). Ach ged a bha iad deònach sabaid (willing to fight), bha fhios aca cuideachd dè cho cunnartach agus cho gòrach ’s a bha blàran (battles).
Tuilleadh mu eachdraidh nan Gàidheal:
Bòrd na Gàidhlig - Fiosrachadh mu eachdraidh na Gàidhlig bho Bhòrd na Gàidhlig.
Am Baile - Fiosrachadh mu dhualchas (heritage) agus eachdraidh na Gàidhealtachd, le tòrr fiosrachaidh mun Ghàidhlig
Crann Tara - A’ toirt sùil air eachdraidh na Gàidhlig
Save Gaelic - Sùil air eachdraidh nan Gàidheal
VisitScotland - VisitScotland a’ coimhead air eachdraidh na Gàidhlig
Comhairle na Gàidhealtachd - Comhairle na Gàidhealtachd a’ coimhead air eachdraidh na Gàidhlig
Comhairle nan Eilean Siar - Eachdraidh na Gàidhlig
Wikipedia - Wiki a’ coimhead air Gàidhlig agus a h-eachdraidh
Gàidhlig ann an Canada - Fiosrachadh mu eachdraidh na Gàidhlig ann an Canada

