Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

‘Deagh Dheis Aodaich’ Le Fiona NicCoinnich agus Irvin Duguid, air fhoillseachadh le Greentrax Recordings Ear. agus MacDug Music Ear.

le mygaelic.com

Tha Fiona NicCoinnich agus Irvin Duguid air tighinn còmhla bho chionn ghoirid, ’s iad a’ cur air bhog a’ chompanaidh foillseachaidh aca fhèin, MacDug Music Ear. Le Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh ann an 2009 tha Fiona agus Irvin ann an deagh àm airson cultar agus dualchas na h-Alba a chomharrachadh. Tha an dithis air clàr ùr fhoillseachadh, ‘Deagh Dheis Aodaich’ – òrain eilthireachd. Chaidh an clàr a chur air bhog anns an Ògmhios 2009, air The Tall Ship, air Abhainn Chluaidh ann an Glaschu. Chaidh mygaelic.com ann agus seo a’ bharail a bha againn...


Tha e inntinneach a bhith a’ dol air bòrd an Tall Ship (’s d’ fheuch tadhal oirre co-dhiù). Cho luath ’s a thèid thu sìos an staidhre dhan àite anns an robh a’ chuirm, tha thu air do chòmhdachadh ann an eachdraidh. Nach math gun robh biadh gu leòr mur coinneamh agus champagne (ann an deigh) air muin cuid dhe na seann bharailtean. Ged a bha an luchd-èisteachd air an deagh choimhead às an dèidh le biadh agus deoch an asgaidh, suidheachain cofhurtail agus àite air leth cha robh air an àrd-ùrlar ach microfòn agus meur-chlàr. Fhad ’s a bha a’ chuirm a’ dol air adhart thàinig e am follais carson a bha am bàta seo air a taghadh airson an clàr seo fhoillseachadh – bha ceangal eadar an Tall Ship agus eilthireachd nan Gàidheal. Bha feadhainn dhe na daoine mu an robh Fiona a’ seinn air fàgail bho Abhainn Chluaidh ’s iad a’ falbh bho Fhuadach nan Gàidheal, ’s iad air an cur às an taighean gu àiteachan leithid Canada agus na Stàitean Aonaichte.

Lìon guth Fiona am bàta agus bha ceòl-taic Irvin a’ cur gu brèagha ris na h-òrain. Bha na h-òran shìmplidh a’ nochdadh nam faireachdainnean a bha aig daoine a dh’fhalbh gun mòran aca – rinn Fiona agus Irvin an aon rud air an oidhche. Cha robh feum air dreach sam bith bhon a bha na h-òrain làidir gu leòr mar a bha iad. Thug an dithis dhuinn blasad de 4 òrain bhon chlàr a chaidh fhoillseachadh air Greentrax Recordings Ear.; ‘Dèan Cadalan Sàmhach’, ‘Tha thu Beò nam Anamsa’, ‘O Mo Dhùthaich’ agus ‘Dùthaich nan Craobh’. B’ e taghadh air leth math a bha seo airson na h-oidhche, agus bha an luchd-èisteachd ag iarraidh barrachd a chluinntinn bhuapa. Dh’fheumadh mygaelic.com an clàr seo fhaighinn.

Chan eil an clàr seo a-mhàin a’ daingneachadh an tàlant aig Fiona agus Irvin, ach tha e cuideachd a’ taisbeanadh tàlant ciùil eile cuideachd. Cuideachd air a’ chlàr tha Màiri Anna Nicualraig, Darren Mac ’Illeathain, Sìneag Nic an t-Saoir, Cathy Ann Nic a’ Phì, Anna Massie, Fraser Fifield agus iomadach neach-ciùil math eile. Tha an luchd-ciùil, na h-òrain mhatha agus an ùidh a tha aig Fiona ann an Gàidhlig a’ tighinn còmhla gus clàr air a bheil 12 òran a chruthachadh.

Tha na h-òrain air a’ chlàr a’ toirt luaidh air an fheadhainn a dh’fhàg Alba ’s iad a’ falbh gus beatha ùr a dhèanamh dhaibh fhèin ann an 18mh, 19mh agus anns an 20mh linn. Tha feadhainn dhe na h-òrain sunndach agus tha feadhainn eile tùrsach, ach tha iad uile breàgha. Tha an t-seinn làidir agus tha an ceòl-taic a’ cur gu mòr ris na guthan. ’S iad na faclan a tha cudromach air an òran seo agus gun faireachdainn, bhiodh na h-òrain air tòrr dhen ciall air fad – no gu dearbh an ciall gu lèir. Ach, chan e sin dhan chlàr seo. Tha tuigse aig Fiona air na h-òrain agus bhiodh na h-eilthirich moiteil dhen chlàr seo. Tha an clàr a’ toirt guth dhaibhsan a b’ fheudar Alba fhàgail agus ann am Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh, tha e cudromach aithne a thoirt dha na guthan seo agus gus ceangal a dhèanamh ri ar caraidean agus ar càirdean thall-thairis. Tha an clàr seo, ‘Deagh Dheis Aodaich’ ag innse sgeulachdan nan Gàidheal agus tha e a’ taisbeanadh nam faireachdainnean aig na daoine a dh’fhàg.

Beachd mygaelic.com : Feumaidh dhan h-uile duine aig a bheil ùidh ann an eachdraidh na h-Alba agus ann an deagh cheòl ‘Deagh Dheis Aodaich’ a cheannach. Tha e loma làn eachdraidh agus tàlant.

An dèidh na cuirm bhruidhinn mygaelic.com ri dithis a bha anns an luchd-èisteachd:

Thuirt G. Macready - (chan eil facal Gàidhlig aige, à Port Ghlaschu): “’S e cuirm air leth a bha siud; b’ e an t-òran à Uibhist [Oh mo Dhùthaich] a b’ fheàrr a chòrd rium fhìn. Chan eil dad a dh’fhios agam dè bha i ag ràdh ach ge brith dè bha i ag ràdh bha i a’ cur faireachdainn ann. Sònraichte.”

Ms Brough - (Glaschu) – “Chan eil mòran Gàidhlig agamsa, ach chan fheum thu, gus tuigse fhaighinn air deagh cheòl. Nach ann aice a tha an guth! Thug Fiona fiosrachadh mu na h-òrain mus do sheinn i iad agus bha an ceòl-taic air leth math. Deagh àite, deagh chuirm agus deagh champagne! Agus nach eil fhios gun do cheannaich mi an clàr.”

Chan eil gin a bheachdan mun rud seo.

    Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

    Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

    ThaYes
    Chain eilNo
    Groups

    NaidheachdanNews

    Cuir sanas an seoAdvertise Here

    Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

    To advertise here, email advertising@mygaelic.com