Cruinn-eòlas (Geography)
by mygaelic.com
- BeurlaEnglish
- Gàidhlig ShìmplidhSimple Gaelic
- GàidhligGaelic
Bha daoine a’ bruidhinn Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd anns na làithean a dh’fhalbh, agus tha gu leòr de dhaoine fhathast a’ bruidhinn Gàidhlig an sin an-diugh. Tha am facal Gàidhealtachd a’ tighinn bho ‘Gàidheal’, cuideigin aig a bheil Gàidhlig. Tha barrachd dhaoine le Gàidhlig a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan na tha a’ fuireach ann an àite sam bith eile ann an Alba. Tha beanntan àrda, lochan fada, monaidhean (moors) agus cladaichean (shores) fosgailte air a’ Ghàidhealtachd. Tha Gàidheil a’ fuireach ann am bailtean-mòra cuideachd ge-tà, agus tha àrainneachd (environment) gu math eadar-dhealaichte (different) aca an sin.
Tha na beanntan agus na lochan, agus rudan eile a chì thu timcheall ort, gu math cudromach do Ghàidhlig, agus Gàidhlig gu math cudromach do na rudan sin. Tha an cànan gu math cudromach a thaobh mar a tha sinn a’ coimhead air an tìr agus a’ mhuir. Smaoinich air faclan Gàidhlig mar beinn, cnoc, càrn, loch, caolas, muir, abhainn agus mar sin air adhart. Tha sinn a’ faicinn Alba tron a’ Ghàidhlig.
Bartholomew maps - Mapa Gàidhlig de dh’Alba
Gazetteer for Scotland - Cruinneachadh de dh’fhiosrachadh mu chruinn-eòlas (geography), eachdraidh agus ainmean-àite na h-Alba
VisitScotland - Fiosrachadh bho VisitScotland mu chruinn-eòlas (geography) na h-Alba
Georgraphy of Scotland - Mapa agus fiosrachadh mu chruinn-eòlas (geography) na h-Alba
itravel UK - Mapa de dh’Alba
National Library of Scotland - Mapaichean eachdraidheil de dh’Alba
Wikipedia - Fiosrachadh mu chruinn-eòlas (geography) na h-Alba

