Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Mu mygaelic.com

le mygaelic.com

’S e doras ùr don Ghàidhlig a th’ ann am mygaelic.com, àite air-loidhne a tha làn fiosrachaidh mun Ghàidhlig – an cànan, cultar, turasachd, tachartasan, agus iomadh rud eile co-cheangailte ri tùs-chànan na h-Alba. Tha e ag amas air a bhith na phrìomh àite gus dol an sàs sa Ghàidhlig.

Tha an làrach-lìn cuideachd na dachaigh do lìonra sòisealta a tha a’ toirt cothrom do dhaoine conaltradh ri daoine eile aig a bheil ùidh sa chànan, no ri daoine a tha ag iarraidh an cànan ionnsachadh, no ri fileantaich eile.

Sa chuibhreann den làrach far a bheil cothroman ann ceangal a dhèanamh ri daoine eile, faodaidh daoine a tha a’ ruith bhuidhnean Gàidhlig (bho bhuidhnean poblach gu buidhnean neo-fhoirmeil) ‘buidheann air-loidhne’ (buidheann luchd-cleachdaidh) a stèidheachadh, agus faodaidh daoine eile a tha a’ cleachdadh mygaelic.com ballrachd a thoirt a-mach anns a’ bhuidheann seo. Faodaidh am buidheann an uair sin fiosrachadh a sgaoileadh air dè tha a’ dol aca tron lìonra seo, cuin a tha na cùrsaichean aca a’ tachairt, no dè an h-òrain ùra a tha iad air clàradh no às bith dè tha freagarrach dhaibhsan.

Thèid gach tachartas a chlàras na buidhnean luchd-cleachdaidh anns na mìosachanan thachartasan aca a chur a-steach gu mìosachan thachartasan iomlan, far am faic a h-uile duine dè na tachartasan Gàidhlig a tha gu bhith ann, agus far am faigh iad tuilleadh fiosrachaidh mun deidhinn.

’S iad na daoine air a bheil an làrach-lìn ag amas:

  1. Daoine aois 16 – 45+ gun Ghàidhlig
  2. Daoine aois 16 – 45+ a tha ag ionnsachadh Gàidhlig
  3. Daoine aois 16 – 45+ a tha fileanta ann an Gàidhlig

Seach gu bheilear ag amas air taghadh de dhaoine cho farsaing seo, agus gus daoine a tha ag ionnsachadh a chuideachadh, chithear trì dreachan den làrach-lìn:

• Beurla • Gàidhlig Shìmplidh • Gàidhlig

Chì thu putan beag aig mullach na duilleige leis am faod thu aon de na trì dreachan a thaghadh, agus seo a’ cuideachadh luchd-ionnsachaidh a th’ aig diofar ìrean. Faodaidh iad a dhol air ais chun na Beurla no Gàidhlig Shìmplidh nuair nach eil iad cinnteach à faclan, agus iad ag ionnsachadh nuair a tha iad a’ siubhail tron làrach.

Chì daoine, nach do log a-steach, na duilleagan fiosrachaidh uile agus mìosachan a tha ag innse mu thachartasan air fàire, agus fiosrachadh co-cheangailte ris na tachartasan sin.

Luchd-cleachdaidh a logas a-steach – an fheadhainn a chlàras airson cunntas

Bidh luchd-cleachdaidh a’ cruthachadh a’ chunntais aca fhèin an seo. Gheibh iad cothrom air grunn innealan eadar-obrachail airson a bhith a’ lorg agus a’ cur charaidean ris an liosta aca, a’ cur bhrathan, agus a’ dol an sàs ann an còmhraidhean air-loidhne.

Faodaidh luchd-cleachdaidh na sgrìobhaidhean aca a chur a-steach thugainn. Agus faodaidh iad bloighean bhon làrach-lìn a ghleidheadh san leabhar-abairtean aca (àite airson stuth as toigh leotha bhon làrach a chruinneachadh), agus seo gan cuideachadh le bhith ag ionnsachadh no le bhith cuimhneachadh air fiosrachadh feumail.

Cuideachd, faodaidh luchd-cleachdaidh na buidhnean air-loidhne aca fhèin a chruthachadh no a dhol an sàs ann am buidhnean air-loidhne aig daoine eile.

Dè am prìomh amas?

’S e prìomh amas an làraich seo, gun gabh fireannaich agus boireannaich ann an Alba, aois 16 – 45+ agus an dà chuid le agus gun Ghàidhlig, gnothaich ri cànan agus cultar na Gàidhlig. Thathar a’ piobrachadh dhaoine a tha nas fileanta a dhol an sàs ann am fòraman a tha nas adhartaiche, agus a bhith nan luchd-measaidh agus iad deònach taic a thoirt do dhaoine a tha dìreach air tòiseachadh dol an sàs anns a’ Ghàidhlig.

Tha earrannan den làrach-lìn far a bheilear ag iarraidh air daoine susbaint a chur a-steach ann gus daoine a bhrosnachadh a bhith a’ cur a-steach na sgrìobhaidhean aca fhèin, no òrain co-cheangailte ri Gàidhlig, ann am Beurla no Gàidhlig, no faodaidh iad dealbhan a chur a-steach le taobh Gàidhlig.

Ciamar a tha mygaelic.com a’ dèiligeadh ri ionnsachadh na Gàidhlig?

Tha aon earrann ann airson ionnsachadh na Gàidhlig, agus ionnsachadh Gàidhlig. An-dràsta, tha an earrann seo a’ cur an cèill carson a dh’ionnsachadh tu Gàidhlig agus dè na h-àiteachan no dòighean anns am faod daoine Gàidhlig ionnsachadh, càite am faigh iad taic, agus tha teisteanasan ann bho dhaoine a tha air soirbheachadh leis a’ chànan no a tha a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh. San àm ri teachd, thathar an dùil gun nochd leasanan foirmeil san earrainn seo, a’ toirt dhaoine bho ìre tòiseachaidh gu ìre eadar-mheadhanach. Bidh teacsa fogharach agus faidhleachan fuaim ann, agus ’s math dh’fhaodte gum faicear bhidiothan de dhaoine a’ bruidhinn Gàidhlig. Thathar an dòchas cuideachd gum bi leasanan san earrainn seo a tha ag amas gu sònraichte air cloinn. ’S ann dathte agus spòrsail a bhios na leasanan seo le beò-dhealbhan còmhla ris na bloighean fuaim is teacsa. Thathar an dùil ri geamannan a chruthachadh cuideachd gus clann a phiobrachadh a bhith ag ionnsachadh agus a’ togail abairtean fhad ’s a tha iad a’ cluich.

Dè na buannachdan a bhios ann do bhuidhnean?

Bheirear iomradh air na buidhnean an sàs ann an Gàidhlig anns na h-earrannan iomchaidh air an làrach, agus nochdaidh ceanglaichean ris na làraich-lìn aca cuideachd. Tha cothroman urrasachd ann cuideachd do bhuidhnean a tha ag iarraidh àite nas follaisiche a ghleidheadh air an làrach. Cuideachd, tha cothrom aig gach buidheann clàradh airson a’ chuibhrinn den làrach a tha a’ leigeil le daoine ceangal sòisealta a dhèanamh ri daoine eile. Faodaidh iad buidheann luchd-cleachdaidh a chruthachadh a dh’aona ghnothaich airson a’ bhuidhinn aca fhèin, agus bidh smachd iomlan aca air a’ bhuidheann air-loidhne seo. Faodaidh iad fiosrachadh mun bhuidheann aca a sgaoileadh, puist-dealain a chur gu daoine a tha nam buill dhen bhuidheann air-loidhne aca, agus faodaidh iad tachartasan a chlàradh sa mhìosachan aca fhèin no ann am prìomh mhìosachan thachartasan mygaelic.com.

A bheil inneal ann gus fios a nochdadh mu Thachartasan Gàidhlig?

’S ann air leth cudromach a tha an earrann, Dè tha a’ Dol?, den làrach. Chithear tachartasan air a’ phrìomh mhìosachan a chuir an rianaire agus luchd-cleachdaidh an làraich ris. Faodaidh an neach-cleachdaidh coimhead air tachartasan fo dhiofar chinn. Ma bhriogas tu air tachartas, gheibh thu tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn.

Cuid den stuth eile air an làrach-lìn:

Farpaisean

Nochdaidh diofar sheòrsaichean farpais air an làrach, mar ceistean ioma-roghnach, ceistean a tha ag iarraidh ort freagairt ghoirid a thaipeadh a-steach, no ceistean a tha ag iarraidh ort freagairt nas fhaide a chur a-steach. Bidh duaisean rim faighinn airson nam farpaisean. Thèid farpaisean a chruthachadh le rianairean an làraich, agus bidh feadhainn ùra a’ nochdadh gu cunbhalach.

Còmhradh

Tha bùird-bratha aig buidhnean luchd-cleachdaidh air an urrainn dhaibh còmhradh mu chaochladh chuspairean a tha iomchaidh don bhuidheann sin.

Dad as ùr?

Gheibh luchd-cleachdaidh fiosrachadh mu thachartasan ùra agus naidheachdan ùra tron bhogsa-bratha aca.

Liosta Bhall

Faodaidh buill fios a chur gu buill eile agus chì iad buill eile, às bith a bheil iad nan caraidean no nach eil. Bidh dà ìre de bhuidheann ann: Buidheann Poblach (faodaidh duine sam bith ballrachd a thoirt a-mach) agus Buidheann Prìobhaideach (feumaidh cuireadh a bhith agad bhon duine a chruthaich am buidheann mus fhaigh thu ballrachd ann). Faodaidh neach-cleachdaidh sam bith buidheann a chruthachadh agus cuireadh a thoirt do charaidean a bhith nam buill /no buidheann poblach a chruthachadh.

A’ Lorg Buidheann

Tha inneal-lorg an làraich a’ ciallachadh gum faod daoine buidhnean a lorg le bhith a’ cur a-steach an ainm no fiosrachadh. Cuideachd, chìthear builean freagarrach ma chleachdas tu na h-innealan-lorg airson tachartasan agus aig na buidhnean còmhraidh, an dà chuid aig na buidhnean poblach agus na buidhnean prìobhaideach de bheil an neach-cleachdaidh na bhall.

Cunntasan Luchd-cleachdaidh

’S iad na cunntasan luchd-cleachdaidh am prìomh inneal agad gus dol an sàs anns an làrach-lìn. Bidh clàr-aithne aig gach neach-cleachdaidh, bidh e comasach dhaibh brathan a chur gu càch a chèile, agus bidh e comasach dhaibh roghainn a dhèanamh ann an caochladh dhòighean a thaobh mar a chleachdas iad agus mar a chuirear eòlas air an làrach-lìn.

Clàr-aithne

Thathar a’ toirt cothrom dhut le clàr-aithne beagan fiosrachaidh a thoirt seachad a chruthaicheas làthaireachd air-loidhne dhut, gun a bhith a’ foillseachadh cus fiosrachaidh pearsanta. Tha na beàrnan rin lìonadh anns a’ chlàr-aithne a’ cur cudrom air cleachdadh na Gàidhlig gus barrachd luchd-cleachdaidh a bhrosnachadh an cànan a chleachdadh.

Faodaidh luchd-cleachdaidh dealbh / ìomhaigh a chur suas mar shuaicheantas dhaibh fhèin. Tha cor gach neach-cleachdaidh ri fhaicinn le brath goirid. Tha grunn mholaidhean ann (abairtean Gàidhlig nam measg) a dh’fhaodas daoine a chleachdadh, ma tha iad sgìth, no toilichte agus mar sin air adhart. No faodaidh iad an cor a mhìneachadh nam faclan fhèin.

Bidh inbhe aig gach neach-cleachdaidh air an làrach-lìn a tha stèidhichte air cho fileanta ’s a tha iad, agus iad a’ comharrachadh sin air a’ chlàr-aithne aca (m.e. neach-tòiseachaidh, aig ìre eadar-mheadhanach, adhartach, no fileanta). Tha seo a’ ciallachadh gun urrainn do dhaoine fhaicinn cò an fheadhainn aig a bheil diofar chomasan cànain, agus seo a’ ciallachadh gum faod fileantaich luchd-ionnsachaidh a chuideachadh ’s dòcha, no gum faod daoine conaltradh ri daoine eile den aon chomas.

Mo Leabhar-abairtean

Bidh leabhar-abairtean aig luchd-cleachdaidh. ’S e àite sònraichte a tha seo far am faod an neach-cleachdaidh bloighean teacsa Gàidhlig, a thog iad bhon làrach no luchd-cleachdaidh eile, a thasgadh. Tha an leabhar abairtean a’ gleidheadh na h-abairt, an t-eadar-theangachadh agus faidhleachan fuaim sam bith a tha an neach-cleachdaidh ag iarraidh a chur suas. Gabhaidh an abairt/teacsa air fad a chlò-bhualadh. Mar sin, tro ùine faodaidh an neach-cleachdaidh goireas pearsanta a chruthachadh dhaibh fhèin, làn den stuth a tha feumail dhaibh fhèin.

Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

ThaYes
Chain eilNo
Groups

NaidheachdanNews

Cuir sanas an seoAdvertise Here

Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

To advertise here, email advertising@mygaelic.com