Roghainnean CànainShow Language Choices | TaicHelp

TachartasanEvents

Na h-ealain is cultarArts and Culture

  • Na h-Ealain agus Cultar

    Dè th’ anns na h-ealain? No dè th’ ann an cultar no dualchas? Dh’fhaodadh freagairt eadar-dhealaichte a bhith aig a h-uile duine againn, gu ìre, air na ceistean seo. ’S e sin a tha a’ fàgail nan raointean seo cho tarraingeach agus cho inntinneach. ’S iomadh nì a dh’fhaodadh nochdadh ann an còmhradh mu na h-ealain no cultar, oir nach e a tha sinn a’ dèanamh tro na h-ealain agus ar cultar…

    tuilleadh…
  • Cultar

    Bhiodh e furasta smaoineachadh air dualchas no fiù ’s dùthchas nuair a smaoinicheas tu air cultar, agus bhiodh tu ceart a ràdh gur e pàirt cudromach de ar cultar a th’ ann an dualchas (ma tha thu a’ coimhead air dualchas ann an seagh eachdraidheil). Ach tha cultar coltach ri èadhar: tha sinn ga tharraing a-staigh, tha e timcheall oirnn, ach nuair a thig e gu bhith a’ greimeachadh air no…

    tuilleadh…
  • Film agus Telebhisean

    Dh’atharraich saoghal telebhisean na Gàidhlig ann an 2008 nuair a thòisich an sianal Gàidhlig ùr. Na phàirt de sheirbheis dhidseatach ùr, air a ruith le MG ALBA agus am BBC, tha BBC ALBA a’ sealltainn taghadh farsaing de phrògraman, nam measg: dràma ùr, prògraman aithriseach, spòrs, agus fiù ’s filmichean cinema. Tha na Gàidheil a’ faighinn cothrom cruthachaidh agus ceasnachaidh air an…

    tuilleadh…
  • Litreachas

    Tha dualchas làidir aig na Gàidheil a thaobh litreachais. Bho na filidhean agus na manaich ann an Èirinn is Alba, a ghlèidh eòlas agus fiosrachadh sna sgrìobhaidhean aca san Linn Dhorcha, gu clàraidhean CD de nobhailean, agus sgoilearan a tha a’ dèanamh sgrùdadh air obair nan sgrìobhadairean ùra, tha na Gàidheil agus na sinnsirean aca air a bhith ri sgrìobhadh o chionn fhada.

    tuilleadh…
  • Ceòl is Òrain

    Tha tòrr a’ tachairt ann an saoghal ceòl Gàidhlig. Tha na còmhlain is seinneadairean ainmeil a’ dol bho neart gu neart, agus tha còmhlain agus seinneadairean ùra a’ nochdadh fad an t-siubhail. Tha fèisean, cèilidhean agus cuirmean-ciùil gan cumail air feadh na dùthcha, gu dearbh air feadh an t-saoghail, agus tha ainmean mar Runrig, Capercaillie agus Julie Fowlis a-nis aithnichte ann an…

    tuilleadh…
  • Bàrdachd

    Tha urram sònraichte air a bhith aig na bàird am measg nan Gàidheal o chionn fhada. Bho bhàrdachd lideach gu saor-rannaigheachd ’s iomadh pìos bàrdachd a mhair agus a mhaireas air chuimhne. Aig aon àm bha inbhe shònraichte aig bàird ann an siostaman sòisealta nan Gàidheal. Bhiodh iad a’ giùlan dualchas agus eachdraidh luchd na Gàidhlig nan obair agus nan cuimhne, bhiodh iad nan tosgairean…

    tuilleadh…

Attracting New SpeakersLuchd-labhairt Ùra

Is there enough being done to attract new Gaelic speakers?A bheilear a’ dèanamh gu leòr gus luchd-labhairt Gàidhlig ùra a chruthachadh?

ThaYes
Chain eilNo
Groups

NaidheachdanNews

Cuir sanas an seoAdvertise Here

Ma tha thusa a’ leughadh seo, cia mheud duine eile a tha ga leughadh?If you're reading this, how many others are?

To advertise here, email advertising@mygaelic.com